Och ! a Thèarlaich òig Stiùbhart,
'S e do chùis 'rinn mo léireadh,
Thug thu uam gach ni bh' agam,
Ann an cogadh a'd' aobhar ;
Cha chrodh, a's cha chàirdean
Rinn mo chràdh, ach mo chéile,
O'n là dh' fhàg thu mi 'm aonar,
Gun sian 's an t-saoghal ach léine--
Mo rùn geal, òg.
Cò nis 'thogas an claidheamh,
No ni chathair a lionadh,
'S gann gur he tha air m' aire,
O nach maireann mo chiadghradh ;
Ach caimar gheibhinn o m' nàdur
A bhi 'g àicheadh na 's miann leam,
A's mo thògradh cho làidir
'Thoirt gu 'àite mo righ màth ?
Mo rùn geal, òg.
Bu tu 'm fear slinneanach, leathann,
Bu chaoile meadhon, 's bu dealbhaich' ;
Cha bu tàilear gun eòlas
'Dheanadh còta math, gearr dhuit ;
No 'dheanadh dhuit triubhas,
Gun bhi cumhann no gann duit :
Mar gheala bhradain do chasan,
Le d' ghearr osain mu d' chalpa--
Mo rùn geal, òg.
Bu tu 'm fear mòr bu mhath cuma,
O d' mhullach gu d' bhrògan ;
Bha do shlios mar an eala,
'S blas na meal' air do phògan--
T'fhalt duallach, donn, lurach,
Mu do mhuineal 'an òrdugh ;
'S e gu cam-lubach, cuimeir,
'S gach aon 'toirt urram d'a bhòichead--
Mo rùn geal, òg.
Bu tu iasgair na habhann,
'S tric a thaghaich thu féin i ;
Agus sealgair a'mhonaidh,
Biodh do ghun' air dheadh ghleusadh--
Bu bhinn leam tathunn do chuilein',
Bheireadh fuil air mac éilde ;
As do laimh bu mhòr m' earbsa,
Gur tric a mharbh thu le chéil' iad--
Mo rùn geal, òg.
Bu tu pòitear na dibhe,
'N àm suidhe 's tighòsda ;
Co b'e dh'òladh 's tu phàigheadh,
Ged 'thuiteadh càch mu na bòrdaibh :
Bhi air mhisg cha b' e b' fhiù leat,
'S cha d' ionnsaich thu òg e ;
'S cha d'iarr thu riamh mùthadh
Air chùl do mhnapòsda--
Mo rùn geal, òg.
Bha mi greis ann am barail
Gu'm bu mhaireann mo chéile,
'S gu'n tigeadh tu dhachaidh
Le haighear 's le faoilteachd ;
Ach tha 'n tàm air dol thairis,
'S cha 'n fhaic mi fear teugais :
'S gus an cuir iad mi 's talamh,
Cha dealaich do ghaol rium--
Mo rùn geal, òg.
Och a's och ! gur mi bochdag,
'S mi làn osnaich an cònuidh,
Chaill mi duil ri thu thighinn,
Thuit mo chridhe gu dòrtadh ;
Cha tog fidheal, no clàrsach,
Piob, no tàileasg, no ceòl mi ;
Nis o'n chuir iad thu 'n tasgaidh,
Cha dùisg caidreamh dhaoine òg mi--
Mo rùn geal, òg.
Gur mise th' air mo sgaradh,
'S ged a chanam, cha bhreug e,
'S ioma té bha na bantraich,
Nach d'fhuair samhladh do m' chéile :
Fear do chéille, 's do thugise,
Cha robh furasd' r'a fhaotainn ;
'S cha do sheas an Cuilodair,
Fear do choltais bu tréine--
Mo rùn geal, òg.
'S ioma bantighearna phrìseil,
Le 'n sìoda, 's le 'n sròltaibh,
D' an robh mis a'm' chuis fharmaid,
Chionn gu'n tairgeadh tu pòg dhomh :
Ged a bhithinn cho sealbhar
'S gu'm b' leam airgead Hanòbhar,
Bheirinn cnac anns na hàith'ntan
Na'n diùltadh càch dhomh do phògan--
Mo rùn geal, òg.
'S ioma bean a tha brònach
Eadar Tròiternis 's Sléibhte,
Agus té tha na bantraich
Nach d' thuair samhladh do m' chéile :
Bha mise lan sòlais
Fhad 's bu bheò sinn le chéile ;
Ach a nis o 'n a dh'fhalbh thu
Cha chùis fharmaid mi féin doibh--
Mo rùn geal, òg.
|